Jump to content

Stans

O Uicipeid
Stans
Mapa Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Eilbheis
Roinn Eilbheiseach Nidwalden
Cànan Gearmailtis
Co-chomharran 46° 57 35′ Tuath
08° 22 00′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 11.08 km²
Àireamh-shluaigh 7,961 (2010)
Dlùths 718.5/km²
Àireamh fòn + 41 41
Duilleag oifigeil http://www.stans.ch

‘S e baile beag ann an cridhe na h-Eilbheis a th’ ann an Stans (Laideann: Stannis). Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1124. Tha e suidhichte aig 558m os cionn ìre na mara[1] ann an ìochdair ghlinn eadar na beanntann Stanserhorn agus Buochserhorn, anns an roinn (Gearmailtis: Kanton) Nidwalden, dìreach 47km air falbh bho Zürich, 187km bho Ghenève agus 68Km bho Bhern, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 7,961 duine a’ fuireach anns a’ bhaile, an 187mh baile na dùthcha a-rèir àireamh-sluaigh.[3] ‘S e Gearmailtis an cànan a tha aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Stans.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Arnold Odermatt (1925): Dealbhadair.
  • Urs Odermatt (1955): Riochdaire fiolmaichean.
  • Zoël Amberg (1992): Dràibhear rèiseadh.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Mongabay
  2. Distance Calculator
  3. Bailtean na Cruinne

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]