Jump to content

Ùisdean MacDhiarmaid

O Uicipeid
Ùisdean MacDhiarmaid
Beatha
Ainm slàn Christopher Murray Grieve
Breith Langaim, 11 dhen Lùnastal 1892
Dùthaich  Alba
Bàs Dùn Èideann, 9 dhen t-Sultain 1978
Teaghlach
Clann
Foghlam
Foghlam Colaiste Ealain Dhùn Èideann
Langholm Academy (en) Translate
Cànain Beurla
A' Bheurla Ghallta
Dreuchd
Dreuchd cànanaiche, bàrd, neach-poileataigs, eadar-theangair, neach-naidheachd, sgrìobhadair, breithniche litreachais agus beatha-eachdraiche
Àitichean-obrach Ebbw Vale (en) Translate, Bruach Chluaidh, Monadh Rois, Lunnainn agus Poll a' Ghrùthain
Ainmeachadh airson duaisean
Gluasad Ath-bheòthachadh na h-Alba
Far-ainmean Hugh MacDiarmid
Seirbheis san arm
Meur an airm Arm Bhreatainn
Strì An Cogadh Mòr
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
National Party of Scotland (en) Translate
Communist Party of Great Britain (en) Translate

'S e bàrd Albannach a bh' ann an Ùisdean MacDhiarmaid (Langaim, 11 an Lùnastal 1892Dùn Èideann, 9 an t-Sultain 1978). Bha ùidh mòr aige ann am poileataigs agus bha e a' feuchainn litreachas sgrìobhte sa Beurla Ghallda a bhrosnachadh ann an Alba. Bha Somhairle MacGill-Eain air a bhith fo bhuaidh litreachail MhicDhiarmaid. Thathar ag ràdh gur e pìos bhàrdachd as cudromaiche a thaobh ùr-nòsachas litreachail ann an Alba a th' ann an The Drunk Man Looks at the Thistle (1926) le Ùisdean MacDhiarmaid.

Sgeul-beatha

[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh Ùisdean MacDhiarmid mar Christopher Murray Grieve (Crisdean Moireach Mac a' Ghreidhir) 11 an Lùnastal 1892 ann an Langholm anns Na Crìochan. Ghabh e anns an arm ann an 1914 (Royal Army Medical Corps) agus bha e stèidhichte ann an Salonica, anns A' Ghrèig agus anns An Fhraing.

Chaochail MacDhiarmid ann an 1978.

Bha deasbaid mòr ann eadar Ùisdean MacDhiarmid agus Edwin Muir a thaobh an cànan ceart airson litreachas na h-Alba ann an 1936. Bha Edwin Muir dhen bheachd gu bheil Beurla an cànan as fheàrr airson litreachas na h-Alba a dhol air adhart, ach bha Ùisdean MacDhiarmaid ag iarraidh litreachas Albannach sna cànain eile, mar Beurla Ghallda, a bhrosnachadh agus a chumail beò.

Ùisdean MacDhiarmaid agus Somhairle MacGill-Eain

[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an 1934, nuair a bha Somhairle MacGill-Eain na oileanach aig Moray House ann an Dùn Èideann, thachair e ri Ùisdean MacDhiarmaid. Bha tarraing mhòr eadarra agus lean an dlùth chàirdeas sin gus an do bhàsaich MacDhiarmaid ann an 1978. Nuair a thachair an dithis aca, bha ùidh aig MacDhiarmaid mar thà ann am bàrdachd Ghàidhlig agus dh' eadar-theangaich Somhairle MacGill-Eain cuid de na dàin le Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair agus le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir do MhacDhiarmaid. Tha dealbh de Ùisdean agus Shomhairle air Whalsay, Sealtainn, ann an 1935 aig Urras Shomhairle.

Tha ainm, Ùisdean MacDhiarmaid, a' nochdadh ann am bàrdachd Shomhairle MhicGill-Eain gu tric, mar eisimpleir ann an Dàin do Eimhir no An Cuilithionn.

Leabhar-clàr

[deasaich | deasaich an tùs]

Obair mar dheasaiche

[deasaich | deasaich an tùs]

Obair mar eadar-theangaiche

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]