Arainn
Pàirt de | Eileanan Chluaidh |
---|---|
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
Prìomh-bhaile | Breadhaig |
Sgìre riaghaltais ionadail | Comhairle Siorrachd Àir a Tuath |
Roinn-tìde | UTC±00:00 |
Siorrachd eachdraidheil | Siorrachd Bhòid |
Faisg air an uisge | Linne Chluaidh |
Suidheachadh cruinn-eòlais | British Isles |
Domhan-leud is -fhad | 55°34′39″N 5°14′15″W |
Coordinates of easternmost point | 55°30′35″N 5°4′43″W |
Coordinates of northernmost point | 55°43′17″N 5°15′44″W |
Coordinates of southernmost point | 55°25′55″N 5°11′22″W |
Coordinates of westernmost point | 55°37′4″N 5°23′53″W |
Puing as àirde | Gaoda Bheinn |
Described at URL | https://travelness.com/reasons-to-visit-isle-of-arran |
Tha Eilean Arainn na eilean a tha suidhichte sa Linne Chluaidh, eadar Cinn Tìre is Inbhir Air ann an Alba. Chan eil e na phàirt de dh'Innse Gall. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 34′ 25″ Tuath agus 5° 15′ 12″ Iar.
Tha e cho farsaing ri 43,201 heactair ceàrnagach (167 sq mi) de mheud. 'S e Gaoda Bheinn an cnoc as àirde air an eilean. Tha e 874 meatair (2,866 troigh) os cionn na mara.
'S e Breadhaig “prìomh-bhaile” an eilein.
Cruinn-eòlas daonna agus eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha lorgan de ghnìomhachd dhaonna air Sliabh Mhacharaidh faisg air Bun na Dubh Abhann mu 3500 rC agus chaidh na tursachan a thogail mu 2000 rC. Chaidh cearcall ainmeachadh air coire Fhionn agus toll ann an clach far an do gheimhlich e a chù Bran is Fionn ag ithe anns a' chearcaill.[1]
Tha na h-oighreachdan ann an Arainn aig na Diùcan Hamilton is fhuadaich iad 300 Arainneach eadar 1829 agus 1840. Chaidh iad gu Siorrachd Mhegantick ann an Canada. Tha carragh-chuimhne nan fuadaichean ann an Loch an Eilein.[2] Anns an latha an-diugh tha an treas chuid de dh'eaconomaidh Arainn an urra ri turasachd.[3]
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Is ann à Arainn a tha Seac MacConaill, Prìomh Mhinistear na h-Alba eadar 2001 agus 2007.
Bailtean ann an Arainn
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NR 949 359
- Dàn mu Arainn bho Acallamh na Senórach (mun bhliadhna 1175)
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Machrie Moor Standing Stones”. Alba Aosmhor. Air a thogail 5mh dhen Lùnasdal 2023.
- ↑ “Lamlash Improvements take on Clearances monument”. Arran Trust. Air a thogail 5mh dhen Lùnasdal 2023.
- ↑ Linc, Darren: “Eaconomaidh Arainn”, Naidheachdan a' BhBC. 15mh dhen Iuchar 2022. Air a thogail 5mh dhen Lùnasdal 2023.