Cille Mheàrnaig
Cill Mheàrnaig | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Siorrachd | Siorrachd Inbhir Àir |
Co-chomharran | 55° 36′ 40″ Tuath 4° 29′ 45″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 13.4663 km² |
Àireamh-shluaigh | 43,588 (2001) |
Dlùths | 3,236.82/km² |
Àireamh fòn | 01563, còd-phostachd KA1-KA3 |
'S e baile mòr ann an deas na h-Alba a tha ann an Cill Mheàrnaig[1][2] (Beurla: Kilmarnock).
'S e Cill Mheàrnaig na phrìomh-bhaile ionadail Comhairle Shiorrachd Àir an Ear agus an dàrna baile as motha ann an Siorrachd Àir.
Tha grunn dòighean litreachaidh eile ann: Cill Mhearnaig,[3][4][5] Cill Mheàrnag,[6] is Cill-mheàrnag.[7]
Tha am baile ainmeil mar an t-àite far a chaidh a' chiad cruinneachadh òrain le Raibeart Burns Poems, chiefly in the Scottish dialect fhoillseachadh ann an 1786, agus airson a' cheangal aige ris a' chomharra-malairt uisge-beatha Johnnie Walker. Am measg nan seallaidhean sa bhaile tha carragh-chuimhne do Raibeart Burns, Dean Castle, stèisean- is drochaid-rèile agus meadhan a' bhaile air a tha "Kilmarnock Cross".
Tha a' chomhairle a' toirt fhoghlaim tro meadhan na Gàidhlig. Bha an t-ionad Gàidhlig aig Bun-sgoil Onthank gu ruige Caisge 2018, nuair an deach e ghluasad do Sgoil a' Choille Nuaidh.[8]
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- William McIlvanney, sgrìobhaiche
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Kilmarnock/Cill Mheàrnaig”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen Mhàrt 2018.
- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ Ainmean-àite bhon leabhar le Iain Mac an Tailleir
- ↑ Faclair SMO
- ↑ Alba le Roy Pedersen
- ↑ Am Faclair Gàidhlig-Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3, duilleag 728
- ↑ Illustrated Gaelic-English Dictionary, Edward Dwelly, Birlinn Limited, Dùn Eideann, 2001, ISBN 1-84158-109-7, duilleag 2018
- ↑ “Ionad Gàidhlig Onthank a' dùnadh”, BBC. 28mh dhen Mhàrt 2018. Air a thogail 29mh dhen Mhàrt 2018.